Soraidh leis an àit',
An d’fhuair mi m’ àrach òg,
Eilean nam beann àrda,
Far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh'èireas
Grian nan speur fo ròs
A’ fuadach neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr.
Tha 'n sneachda is an neòinean
A' pògadh beul ri beul,
Shamhradh is a gheamhradh
Ann an ceann a chèil';
Canach air do mhòintich,
'S lògar air gach fèith,
Muran air do chruachain,
'S luachair air do rèisg.
Tha do lochan rìomhach
Sìnte staigh feadh d’eang,
Dealachadh ri chèile
Rèidhleanan is bheann;
’S ma tha neach le lèirsinn,
Chan i bhreug a th’ ann,
Chì iad bhàrr do shlèibhtean
Pàirt de dh'Èirinn thall.
Seinneadh gach fear-ciùil
Le mùirn a dhachaigh fhèin,
'S cumaibh suas a cliù
Ma bhios ur cùrsa rèidh;
Ach cha ghabh sinn mùiseag
Os ur cionn gu lèir,
Nach eil spot as cùbhr’
Air an laigh driùchd o nèamh.