Tha mise fo mhulad ’san àm;
Cha òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann mo chàil
A dh’fhiosraich do chàch mo rùn.
Chan fhaic mi dol seachad air sràid
An cailin bu tlàithe sùil:
'S e sin a leag m’aigne gu làr
Mar dhuilleach bho bhàrr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise ’gad ionndrainn mòr;
Ma thagh thu deagh àite dhut fhèin,
Mo bheannachd gach rè ’gad chòir;
Tha mise ri osnaich 'nad dhèidh,
Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
Na laighe ’san àraich gun fheum
’S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
’S e dh’fhag mi mar iudmhail air treud,
Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
Do thuras bras-shìleadh dheur o’m shùil.
B’fheàrr nach mothaichinn fhèin
Do mhaise, do chèill, ’s do chliù;
No suairceas milis do bheil
As binne na sèis gach ciùil.
Gach an-duin’ a chluinneas mo chàs
A’ cur air mo nàdar fiamh
A’ cantainn nach eil mi ach bàrd
’S nach cinnich leam dàn a’s fiach -
Mo sheanair a’ pàigheadh a’ mhàil
Is m’athair ri màileid riamh;
Chuireadh iad gearrain an crann
Is ghearrainn-sa rann ro cheud.