Thug mi sùil thar a’ bhealach, thug
mi ’n sealladh ud bhuam
Feuch a faicinn mo leannan tigh’nn dhan bhaile ’s
an uair;
Fhir a dh’òladh an tocsaid ’s a chosdadh a luach,
'S math thig
bonaid ghorm dhathte air cùl bachlach nan dual.
B’fheàrr gu faicinn a-nuas
thu 's do ghruaidh mar an ròs
Agus d’ anail mar ùbhlan 's do chùl mar an t-òr;
Do bheul tha dearg tana, 's blas na meal’ air do phòig –
Gura gìomanach eal’
thu agus lach air an lòn.
Gura h-èibhinn gach àite am biodh pàirt de Chlann
Nìll
Gura h-uasal gach òigear leis an òlte am fìon;
Air chairtean ag iomairt
gun mhionnan gun strì -
Gur ann làmh riutha shuidhinn is gu leiginn mo sgìos.
Gura
bòidheach, gura bòidheach, gura bòidheach na lòin,
Gura bòidheach an t-aonach
air an sgaoileadh an ceò;
Gura bòidheach an Losaid ’s Baile Ghrobain ’na còir,
Gura
bòidheach Ceann Loch far ’m bi mo sheachd rùn ag òl.
Dè nam biodh tu mar
shionnach air an tulaich ud thall;
Agus mise mar eala air bharraibh nan tonn
Nàile, rachainn ad choinneamh agus mheallainn thu leam,
Lùb ùr a’ chùil chlannaich,
ort tha m’ anam an geall.
'S a Dhòmhnaill nan Dòmhnall, sùil mhòdhar ad
cheann;
Rìgh, gur math thig dhut triubhais dhol a shiubhal nam beann
’S
cha mhios thig dhut stocaidh, bròg shocair ’s i teann
’S tric a laigh mi ri
d’ thaobh, ’s ann leam a b’aobhach bhith ann.
Èist
ri Jenna Chuimeanach a' bruidhinn mu dheidhinn an òran seo.