[Facail bhon t-seinn aig Coitheanal Eaglais Naomh Barr.]
Nar làithean leanabais biodh t-ainm-sa beò dhuinn,
Nar làithean aosda do ghaol biodh còmh' rinn,
Tro neòil ar dubh'rachd ar cùrsa treòraich,
Tro shiantan dùr, gu reul-iùil ar dòchais.
Cha chrìoch am bàs dhuinn ach fàs às ùr
dhuinn -
O lion led ghràs sinn, gu bràth bi dlùth dhuinn;
'S nuair thig an t-àm oirnn aig ceann ar n-ùine,
'S e òg-mhìos Mhàigh bhios an àite Dùdlachd.