Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh
Sgìth dhan bhlàr, sgìth dhan chogadh
An t-eallach 's an cràdh
Air gualainn eachdraidh.
Sèist:
Saighdear mi sa Fhraing, sa Ghearmailt
Saighdear mi air raointean Chanada
Saighdear mi san Spàinn, san Eadailt
Saighdear mi nam aghaidh fhèin an Èirinn.
Blàr nan Gaidheal, an Gaidheal 's an cogadh
An fhuil 's am bàs
Air bràighean eachdraidh
Fuaim a' bhlàir, ceòl a' chogaidh
An guth 's an nàire
Air cluasan eachdraidh.
[Sèist]
[Na facail le taing bho Chalum agus Ruairidh Dòmhnallach.]