Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi beanntan àrd a' cheò,
Gleanntanan a' mhànrain, nan loch, nam bàgh 's nan òb
'S an eala bhàn tha tàmh ann gach là air 'm bheil
mi 'n tòir.
A Mhagaidh na bi tùrsach a rùin ged gheibhinn bàs
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhìthein buaile dh'fhàs,
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's cha tog a' ghrian an-àird.
Tha mise 'n seo 's mo shùil san iar on chrom
a' ghrian 's an t-sàl
Mo bheannachd leig mi às a dèidh ged thrèig i mi
cho tràth
Gun fhios am faic mi màireach i nuair dh'èireas i gu h-àrd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil' nuair 's lèir dhuinn
beul an là.
Tha mise seo san fhàsaich air sliabh a' bhlàir 's mi
leòint'
Cha Ghearmailteach a thàrr mi cuir saighead cràidh nam
fheòil,
Ach an gaol thug mi dhan mhàldaig, a' ghruagach àlainn
òg
A-nochd chan fhaod mi àicheadh nach e chuir ceàrr mo dhòigh.
Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh 's on bhlàr gun till
mi beò
Is gu faic mi 'n t-àite san deach m' àrach òg,
An sin bidh crathadh làmhan ann is bilean blàth toirt
phòg
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut le fainne chur mud mheòir.
Ach ma thig an t-àm is anns an Fhraing gum faigh mi bàs,
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh far 'eil na mìltean
chàch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich, a' chaileag uasal bhàn -
Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi, gun nàire gruaidh
na dhàil.
Oidhche mhath leat fhèin a ghaoil nad leabaidh
chùbhraidh bhlàth
Cadal sàmhach air do shùil 's do dhùsgadh sunndach
slàn
Tha mise 'n seo san trannsaidh fhuar 's nam chluasan fuaim a' bhàis
Gun dùil ri faighinn às le buaidh tha 'n cuan cho buan
ri shnàmh.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database
(GRD) for educational purposes only.]