
E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh
ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bidh an seòmar cho blàth,
bidh an t-àite cho brèagha,
Air an ùrlar fo'r bonn dathan
donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg
thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sìos
Air do bhialaibh air bòrd.
Dhe gach seòrs' a thèid
òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan
stop 's a' cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig
o'n Spàinnt oirr' air fhàgail co-dhiùbh,
'S chì
thu eun ann an cèidse shuas gu h àrd os do chionn
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu togsaidean bhuat, bidh
iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh
o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu dìsnean is tàileasg
'gan càradh air bùird,
Gheibh thu pàipear ri leughadh
le speuclair dha d' shùil,
Bidh gach nì mar is còir eadar
Dòmhnall 's a bhùth,
'S chì thu staidhre dol sìos,
àit bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic
Leòid.
Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is
bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgathan is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am
bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ann am bùth Dhòmhnaill
'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn
Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chàbraid cho cruaidh
ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiot
's fuaim ac' air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
"Cuir
a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann àrd,
"Gloine fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor
choltas ceàird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè
reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich
i tràth
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì
thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith
Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl
e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas
an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bùth Dhòmhnaill
'ic Leòid.
Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn à balgam no dhà
Thig à Ìle thar fairg' air eil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd
na h-Alba neo-shealbhach gu bràth
Fhad 's a dh'fhàsas innt'
eòrn'.
Gloine mhòr dhe 'n Each Bhàn 's i air clàr
mar ri pinnt,
Thèid an t-àran nas fheàrr leis gach làn
a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha
na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tìm
Nach robh phrìs aic' ach gròt'.
Air an aimsir
a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios
am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt
d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bha
i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhàil,
Bhiodh
am bàillidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag ràdh-
"Ma
tha 'n t-airgiod 'gad dhìth 's mar a lìbhrig thu à
Gheibh
thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shìneadh Di-màirt
Air an t-sràid
air do thòin."
Their na làithean a dh'aom
orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlàth air an t-saoghal g'eil saorsa
dol sìos;
Nuair tha 'm bàrd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid
'na bhial,
'S e air fhàgail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.
Anns an aimsir a dh'fhalbh
thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur
suas ann am prìs,
Gus na gheàrr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe
ri ìnns',
Gun do thràigh iad am fuaran bu dualach dha 'n tìr
Bha na mìltean ag òl.
Thràigh iad
fuaran nam buadh, dh'fhàg iad sluagh ann an càs,
Tha na ceàrnachan
tuath 's iad air thuar a bhith fàs;
Tha na fàrdraichean fuar
a bha uaireigin blàth,
'S chan eil àbhachd aig cluais mur eil
fuaim a' mhuir-làin,
Far am b'àbhaisteach ceòl.
Tha
na ceàrnachan tuath ac' air thuar a bhith fàs,
'S ann tha àireamh
an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tàmh.
Bidh am Bàrd Mac-an-t-Saoir
fhathast daonnan an sàs,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air
a mhàs,
Ged tha iad-san air dòigh.
Ach
fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an àm,
Ruith an
t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus
air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach
ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.