
[Comharradh-clèithe: NC 221 563]
Ma bhuineas an dàrna pàirt
dhen ainm ri Inbhir Biorbhaigh, tha seo a' ciallachadh
ceann an uisge ghoilich. Ach, ma tha an dàrna pàirt a' tighinn
bhon chànan Lochlannach dh'fhaodadh gur e ceann loch na h-aibhne
chreagaich a tha e a' ciallachadh.
Tha Ceann Loch Biorbhaigh air Loch an Innis Àird, mu chòig
mìle an iar-thuath air an Ruigh Chòinnich, air an rathad B801,
air taobh an iar Chataibh.
Cluinnear mun bhliadhna mu dheireadh a bha an teaghlach
air an rathad, ‘s mu chuid de na h-adhbharan a thug orra sgur.
Bha e nàdarrach dha na Stiùbhartaich a bhith
a’ siubhal; cha robh eòlas aca air dòigh-beatha sam
bith eile. Ach, aig a' cheart àm, bha Màiri mothachail gu
robh miann aig Essie a bhith nas coltaiche ri a co-aoisean.
Bha làraich ann far nach fuiricheadh
na luchd-siubhail airson diofar adhbharan. B' e Bad a' Bhun aon dhiubh.
Glè thric bhiodh daoine a' cluinntinn
fuaimean air leth annasach ann an àiteachan iomallach.
A dh'aindeoin 's gun robh taigh Iain Mhàrtainn
falamh fad na t-sìde, bha solas annasach ri fhaicinn ann.