
Donnchadh nam Pìos
Rugadh Donnchadh MacRath, no Donnchadh nam Pìos, ann an Inbhir Ìonaid sa bhliadhna 1640. B’ e bràthair seanar Iain MhicMhurchaidh, bàrd Cheann t-Sàile, a bh’ann.
Bha seanair Dhonnchaidh, an t-Urr. Fearchar MacRath, na mhinistear ann an Geàrrloch agus ann an Cinn t-Sàile. B’ e sàr-sgoilear a bh’ ann, cho cliùiteach a thaobh Feallsanachd aig Oilthigh Dhùn Èideann ‘s gun deach moladh gum biodh e na Regent of the College.
Chaidh Donnchadh cuideachd oideachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann. A rèir coltais bha e uabhasach sgileil le làmhan, agus bhiodh e a’ cur mòran ùine seachad ri saorsainneachd agus ri innleadaireachd.
A rèir beul-aithris ann an Cinn t-Sàile, chuidich Donnchadh MacRath ann a bhith a’ toirt uisge glan gu muinntir Dhùn Èideann. Cuideachd, canar gun tàinig na craobhan daraich a tha fhathast rim faicinn faisg air làrach an t-seann taighe ann an Inbhir Ìonaid o cnothan-daraich a thug e às an Fhraing.
 |
| © Courtesy of Special Collections, Glasgow University Library |
A bharrachd air a bhith na shàr-sgoilear, b’ e duine air leth cràbhach a bh’ ann an Donnchadh - chithear sin sa bhàrdachd aige fhèin, agus tro chruinneachadh Fheàrnaig air fad. B’ e Easbaigeach dìleas a bh’ ann, agus Seumasach dian; tha an dà chuid follaiseach san làmh-sgrìobhainn.
Am measg a’ chruinneachaidh de 59 pìosan bàrdachd, tha bàrdachd chràbhach a chaidh a dhèanamh leis an Easbaig Carswell (1520-72), sgrìobhaidhean leis an Ridire Iain Stiùbhart às an Apainn, agus laoidhean le Alasdair Rothach à Srath Nabhair.
Chaidh Donnchadh a bhàthadh ann an tubaist chianail uaireigin an
dèidh 1693. Chaidh pìobaireachd Cumha Dhonnchaidh nam
Pìos a dhèanamh an dèidh a’ bhàis.
B’ ann bhon phìobaireachd a thàinig na briathran:
‘S grianach an là, ho!
Thàinig lighe anns an abhainn, hi!
[Mackinnon, Prof. Donald, 1884-85. The Fernaig Manuscript. Transactions
of the Gaelic Society of Inverness, Vol XI.]