

Daibhidh Dick
Torrlaoighseach
© John Allan
Dh'adhbharaich Iarla Shìophort èiginn anns an dùthaich
le a bhith a' cur suas màl nan daoine - dh'fhàg e an tuath bochd
is lag.
Tron deichead mu dheireadh den ochdamh linn deug, dh' falbh an eaconomaidh
a thog an crodh agus thàinig caoraich agus na fuadaichean. Ged a bha
na daoine a bh' air am fuadach gun dachaigh, cha robh aca ris an oighreachd
fhàgail. Bha e ceadaichte dhaibh a bhith fuireach air an talamh as
bochda. Ged a bha suidheachadh dona ann, chaidh an àireamh-sluaigh an àirde gu mòr. Ann an Gleann Seile
agus Ceann t-Sàile ann an 1755 bha an àireamh-sluaigh aig 1202
neach ach ann an 1831 bha e cho àrda ri 1955 neach. Ann an litir a
sgrìobh Eairdsidh MacRath à Àird an t-sabhail, bhruidhinn e air an imrich
a bha tachairt agus am bata imrich a bha aig port ann an Loch Aillse.
Chum an Iarla Shìophort air leis na tuathanasan a' cur còmhla
ann an 1820. Anns a' bhliadhna sin cuideachd, reic e taobh a deas Gleann
Sheile gu Albannach Gallda Daibhidh Dick. Tha fianais ann gu do rinn Dick
fuadach air cuid de na bailtean mun cuairt air seo gu h-àraidh aig
Torralaoighseach 's Màlagan. Thàinig Cunntas Àireamhail Ùr
a-mach ann an 1836 a bha innse an stàit anns an robh na daoine ann
an Gleann Seile agus Ceann t-Sàile. Anns an cunntas, thuirt am ministeir
gu robh na fireannaich à Ceann t-Sàile mòr agus làidir
's gu robh na boireannaich bòidheach 's gràs mhòr 's
gu robh iad uile gu mòr airson bàrdachd 's an cultar aca.
Bha iad fhathast a' cosg an tartan. 'S e seo na daoine air an do rinn Dick
dìmeas ag ràdh gu robh iad borb, fiadhaich 's brùideil.