
Seachdnar Ghaisgich Ghlinn Mhoireasdain
Uaimh a' Phrionnsa
© The Highland Photographic Archive, Highland Council's Am Baile
website
An dèidh Blàr Chùil Lodair, bha mìltean
de shaighdearan Chumberland air feadh na Gàidhealtachd an tòir
air a’ Phrionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart, is £30,000
ga thairgsinn airson ceann a’ Phrionnsa.
Anns an Iuchar 1746, ràinig am Prionnsa agus aon chompanach, Fear
Ghlinn Aladail, Gleann Moireasdan. Bha iad robach agus acrach nuair a thàinig
iad air bothan beag. Chuir am Prionnsa roimhe gun deigheadh e a-steach a
dh’ iarraidh biadh ged nach robh a chompanach idir toilichte. Le prìs
cho àrd air a cheann, ‘s gun fhios cò bha staigh, bha
an suidheachadh cunnartach, ach chan èisteadh am Prionnsa. Anns a’
bhothan bha seachdnar fhireannach. B’ e fògarraich a bh’
anntasan cuideachd, mèirlich a bha fon choill. Ged a dh’aithnich
fear aca am Prionnsa, agus a dh’aindeoin ‘s gun robh iad fhèin
bochd, cha do bhrath duine aca am Prionnsa.
An ceann ùine, ghluais iad e gu uaimh a bha na b’ fhaide shuas
os cionn Ghlinn Mhoireasdain, far am biodh e na b’ fhasa dhaibh a
bheatha a dhìon. Aig a’ cheart àm, chùm iad biadh
ris, agus fhritheil iad air gu dìleas.
Beagan astar air falbh bho Uaimh a’ Phrionnsa, air an rathad tro
Ghleann Moireasdan, bha Ruairidh MacCoinnich, ceannaiche à Dùn
Èideann, a’ siubhal. Gu mì-shealbhach dhàsan
bha e glè choltach ris a’ Phrionnsa Teàrlach. Rug saighdearan
dearga air agus mharbh iad e. Chaidh a cheann a thoirt gu Cille Chuimein,
far an deach na saighdearan air tòir na duaise airson “Teàrlach”
a mharbhadh. Tha uaigh agus càrn, mar chuimhneachan air mar a thachair
do Ruairidh MacCoinnich, rim faicinn ri taobh an rathaid tro Ghleann Moireasdan.
Chreid an Diùc Cumberland gu robh am Prionnsa dha-rìribh
marbh agus thill e air ais a Lunnainn. Sgaoil an naidheachd gu h-aithghearr,
‘s thug sin beagan faochaidh do sheachdnar Ghlinn Mhoireasdain. Mu
dheireadh, anns an t-Sultain 1746, dh’fhàg am Prionnsa Mùideart
air bàta Frangach, agus cha do thill e tuilleadh a dh’Alba.