

Blàr Sliabh an t-Siorraim
Càrn-cuimhne
© Paul Thomson, Midcalder
Bha Gàidheil na h-Alba a’ caoidh fògradh
Rìgh Seumas II, agus nuair a bhàsaich a’ Bhànrigh
Anna bha iad an dòchas gum faigheadh iad cothrom air Seumas Eideart,
mac Sheumais II, a chrùnadh mar rìgh. Ach nuair a chaidh Rìgh
Deòrsa I a ghairm mar rìgh air Breatainn ann an 1714, fhuair
iad briseadh dùil. Bha cùisean gu math troimh-chèile
air feadh na dùthcha, agus cuid den bheachd gun robh cùisean
air a dhol na bu mhiosa buileach dhaibh bho dh' aon nam pàrlamaidean
ann an 1707.
Air an 6mh Sultain 1715 chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach
a thogail ann am Baile a' Chaisteil ann am Bràigh Mhàr. B'
e Iain, Diùc Mhàir, an ceannard agus cha b'fhada gus an robh
feachd de 15,000 aige air an cruinneachadh ann am Peairt.
Chaidh Diùc Earra-Ghàidheil a chur air ceann feachd an riaghaltais
agus chruinnich 4,000 dhiubh aig Sruighlea. B' e Goill a bh' anns a’
mhòr-chuid agus ged a bha eòlas-cogaidh aca bha iad air uimhir
a chluinntinn mu na "Gàidheil bhorba" agus gun robh eagal
orra a' dol nan coinneamh. Nuair a chuala Earra-Ghàidheal gun robh
Màr a' tighinn, chuir e arm ann an òrdugh aig Sliabh an t-Siorraim
faisg air Dùn Bhlàthain. Tha cunntas ag innse gur e 8,000
duine a bh' aig Màr agus 3,500 aig Earra-Ghàidheal.
A
rèir eachdraidh, b' e bùrach dha-rìribh a bh' anns
a' bhatal. Cha deach òrdugh no eòlas-cogaidh sam bith a chleachdadh
oir thàinig an dà fheachd air a chèile, gun fhios.
Thòisich na Gàidheil le na musgaidean, ach an uair sin thilg
iad bhuapa iad agus thug iad gu sabaid le claidheamhan. Fhuair iad air pàirt
de fheachd Earra-Ghàidheil a ruagadh gu Dùn Bhlàthain.
Ach fhad 's a bha seo a' tachairt bha Earra-Ghàidheal air teiche
a chur air pàirt de fheachd Mhàir. Bha Sliabh an t-Siorraim
falamh ach a-mhàin na leòintich 's na mairbh. Ged nach do
mhair am blàr ach ùine ghoirid, bha call mòr ann -
chaill Earra-Ghàidheal 600 agus Màr 800.
Sliabh an t-Siorram
© Richard Webb