BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


BBC Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 



TUIREADH NAN TRÌ TIGHEARNAN

Èist

‘S e na Trì Tighearnan a thathar a’ caoidh anns an dàn seo - Cluanaidh Mac a’ Phearsain a dh’ eug sa bhliadhna 1885 agus a dhithis mhac – Donnchadh a dh’eug sa bhliadhna 1886 agus Eoghainn a dh’eug ann an 1900.

Tha an dàn slàn ri fhaighinn san leabhar aig Tòmas Sinton “The Poetry of Badenoch”. (Inbhir Nis 1906)


’S mi bhi ‘greasadh air chuairt,
Do Bhraigh Bhaideanach shuas,
Cha ‘n ‘eil aighear no surd air m’ inntinn;
O sith Choinnich a nios
Gu ruig clachan na sgìr’,
Tha luchd-turuis fo nial ‘n an ciadan.

Cha ‘n e caismeachd nan arm,
No ‘chuir faghaid ri glean,
Cha ‘n e cleasachd air bard thug cruinn sinn;
Tha ceol tiamhaidh nam piob,
Caoidh nach mairionn an laoch –
Mo leir-chreach! Gu ‘n do caochail Cluainidh

‘S e bhi taomadh na h-uir’
Air do chiste ‘s a’ chruids’,
Dh’fhag cho muladach, ciùrrt’ do chairdean;
‘N Cladh Tharanain mhàn,
Far nach gluais thu chum sealg,
Sios fo fhasgadh nan crann ‘g ad chàramh;

‘S lionar larach do cheum
Eadar monadh ‘s uisg Spe,
‘S Taobh Loch Lagain nan sleibhtean ceothar;
Eoghainn oig a’ chuil duinn!
‘S trom do chadal, ‘s cha duisg,
Is cha ‘n eisdear a chaoidh do chomhradh.

Righ! Gur cuimhne leam fein
Thu fo bhreacan na feil’ –
‘S tu ‘n ad oganach treum air forlach –
Mu Choir Ardair nan stuc,
Le do ghunna ‘s do chu,
‘N cois seann Tighearna Chluainidh allail.

Gu ‘m b’ ard flathail a shuil,
B’ e ceann-feadhnaidh ‘n Taoibh-tuath,
Bha e cumadail, cruaidh, mar Ghaidheal;
Bha e iriosal, ciuin,
Ri luchd-cinnidh ‘s ri tuath; -
Bu chùl-taic e an cùis na bantraich.

Thainig Dunnachadh ‘n a dheidh,
‘S bu mhath dhearbh e a mheinn,
Ged a ghlacadh an t-eug cho trath e;
‘N Tel-el-Keibir, ‘cuir ruaig,
Gu ‘n do bhuannaich e cliu,
Leis an Fhreiceadan Dubh fo ’cheannsal.

Chi mi caisdeal nan tùr,
Far am minig bha muirn,
‘N uair a dh’ eightear gu cuilm na feileachd;
Ach tha samchair a’ bhroin
An ait farum is ceoil,
Bho ‘n thasgadh na seoid ‘s an reidh-lic.

Tha leann-dubh agus gruaim
Air Clann Mhuirich ‘a an uair,
‘S iad mar chaoraich gun iul, gun bhuachaill;
‘S gur e mhiadaich an cradh,
Nach do chinnich ort al –
Oighre sheasadh ‘n ad ait an Cluainidh.






air ais


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy