Richard Waitt
B' e Richard Waitt am peantair a bh' aig na Granndaich agus choisinn e cliù dha fhèin le na dealbhan a chruthaich e dhaibh. Bha na dealbhan a rinn e de na seirbheisich a bha ag obair timcheall air a' Chaisteal gu h-àraidh iongantach. Ged a bha na dealbhan air an taisbeanadh anns a' chaisteal aig aon àm, an-diugh tha iad sgapte an iomadh àite.
Sa 15mh linn thog na Cuimeanaich tùr ann an Baile nan Granndach ach bha 1694 ann mus deach ainmeachadh mar Caisteal Grannd. 'S iomadh atharrachadh a thàinig air an togalach tro na linntean agus bha e ann an droch staid airson ùine mhòr. Anns na 1990an chaidh ath-leasachadh as ùr agus an-diugh 's e dachaigh phrìobaideach a th' ann.
|
|
Alastair Mòr Grant
le Richard Waitt (1714) |
The Hen Wife of Castle Grant
le Richard Waitt (1716) |
