
Pàdraig Grannd
Thàinig an dealbh seo bhon leabhar Dàin Spioradail (1926).
Rugadh Pàdraig Grannd, no Pàdraig nan òran, ann an Baile nan Tuath dìreach deas air Congais. Chaochail a mhàthair 's gun e ach seachd bliadhna a dh'aois 's às dèidh sin chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri teaghlach a sheanar ann am Baile nan Granndach.
Bha na dàin spioradail aig Dùghall Bochanan à Srath Èire air bilean an t-sluaigh agus bha buaidh mhòr aig na laoidhean sin air Pàdraig.
Nuair a dh'fhàg Lachlan Mac an Tòisich eaglais Bhaile nan Granndach ann an 1826, ghabh Pàdraig an dreuchd. A bharrachd air a bhith a' frithealadh air a' choitheanal bha e cuideachd trang le obair tuathanais. Chuir e seachad an còrr de bheatha na mhinistear san sgìre agus thairis air an ùine sin sgrìobh e cuid de na laoidhean Gàidhlig as ainmeile. Nam measg tha Òran mu Leanabh Òg, Èifeachd am Fuil an Uain, agus An Dachaigh Bhuan - laoidhean a tha air an seinn chun an là an diugh.