
Lachlan Mac a' Phearsain (1723 - 1795)
A' coimhead dhan ear-thuath le taigh Srath Mhathaisidh ri fhaicinn a-measg nan craobhan.
Rugadh Lachlan Mac a' Phearsain, Fear Srath Mhathaisidh, sa bhliadhna 1723. Chuir e seachad ùine san arm agus as dèidh dha tilleadh dhachaigh fhuair e cosnadh na fhear-taca ann an sgìre Lagain. B' e neach-ciùil fior mhath a bh'ann agus le chàirdeas do Shileas na Ceapaich 's beag an t-iongnadh gur e bàrd comasach a bh' ann cuideachd. Thug e taic cuideachd do Sheumas Mac a' Phearsain le obair air bàrdachd Oiseanach.
Tha cuid de dhàin Lachlainn èibhinn is eirmseach, leithid A' Bhanais Bhàn agus Comunn an Uisge Beatha. Cha deach a' bhàrdachd aige riamh a chur an clò mar chruinneachadh 's mar sin, gu mì-fhortanach, chaillear tòrr den obair aige.