

Iain Ruadh Stiùbhart
Càrn Cuimhne Iain Ruadh Stiùbhart
© Osclay
B' e a sheanair Iain, am fear mu dheireadh a bha na bharan
air Cinn a' Chardainn agus bhuineadh a mhathair do Chlann GilleSheathanaich,
Rata Mhurchais.
Bha inbhe aige anns a' choimhearsneachd 's bha e air
a dheagh oideachadh agus chuir e seachad pàirt de bheatha anns an
Fhraing agus ann am Portugal.
Bha e na stiùireadair agus na Lieutenant anns na Scots
Greys airson greis ach thionndaidh e bho seirbheis an Rìgh agus thog
e Rèiseamaid Dhùn Èideann às leth a' Phrionnsa
Teàrlaich.
Air an rathad gu tuath an dèidh Blàr na h-Eaglaise
Brice bha Iain Ruadh gu sònraichte feumail chionn 's gun robh e sgileil
is comasach agus chionn 's gu robh eòlas mòr aige air an dùthaich
anns an robh aca ri siubhal.
Aig Blàr Chuil Lodair, os cionn Rèiseamaid Dhùn
Èideann, bha e fhèin agus a chuid shaighdearan anns a' chiad
loidhne a fhuair pronnadh mòr bho na Saighdearan Dearga.
An dèidh Chùil Lodair bha e na fhògarrach
air feadh Bhàideanach ach ged a bha suim airgid air a cheann thar
e às. Choinnich e ris a' Phrionnsa Teàrlach nuair a bha esan a' falach
air Beinn Eallair agus còmhla rinn iad an rathad gu Loch na h-Uaimhe,
far an deach iad air bòrd a' bhàta L'Heureux, a thug iad dhan
Fhraing. Cha do thill e a dh' Alba.
Cha do mhair ach beagan den bhàrdachd aig Iain Ruadh Stiùbhart chun an latha an-diugh. Tha cuimhne air gu sònraichte airson na bàrdachd a rinn e an dèidh Chuil-lodair. Tha "Là Chuil-lodair" a' sealltainn gu soilleir cho dlùth ri chridhe 's a bha adhbhar nan Seumasach agus cho dona 's a bha e air a leòn nuair nach deach leotha.