
Calum Mac an t-Saoir (1755 - 1830)
Chaidh an càrn seo a thogail ann an 1902 mar chuimhneachan air a' chòigear a chaill am beatha an Gàdhaig.
Sgrìobhte air a chàrn tha:
"O dùisgibh-se mun fàs sibh liath
'S dluibhaibh bhur cas ris an t-sliabh
Feuch gum bi bhur fasgadh dèant'
Mun tèid a' ghrian a laighe oirbh"
Rugadh Calum Mac an t-Saoir ann an Gleann Tromaidh ann am Bàideanach. Chuir e seachad greis anns an arm, ann am feachd-dùthcha Diùc Gòrdain. Sin far an d'ionnsaich e cleasan a choisinn dha am far-ainm Calum Dubh nam Protaigean. An dèidh dha an t-arm fhàgail, fhuair e cosnadh a' siubhal air feadh Siorrachd Inbhir Nis a' dèanamh chleasan aig fèilltean is eile.
B' e Calum a sgrìobh an cumha Call Ghàdhaig.