http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

03 An Gearran, 2011 - Air fhoillseachadh aig 14:49 BST

Àite san Lìog ga thoirt do Chamanachd Leòdhais

Chaidh Camanachd Leòdhais a leigeil a-steach gu h-oifigeil dhan Treasamh Lìog aig Tuath aig Comann na Camanachd airson 2011.

Thèid na geamaichean a chluicheas an sgioba aig an taigh, a chluich ann an Leòdhas fhèin - a' chiad uair riamh a thèid geamaichean lìge a chluich san eilean.

'S ann aig seann phàirce bhuill-choise Bharabhais a thèid na geamaichean sin a chluich, nuair a thèid obair a dhèanamh oirre a tha a dhìth airson a dhèanamh nas leathainn.

Cluichidh na Leòdhasaich a' chiad chnap gheamaichean aca air falbh bhon taigh fhad 's a tha an obair ga dèanamh air a' phàirc aca.

Dh'fhaodadh fhathast gur ann an àiteigin eile a dh'fheumas iad cluich mur a gabh an obair sin a dhèanamh ann an àm.

Nì Comann na Camanachd measadh air an t-suidheachadh is mar a tha dol dha na Leòdhasaich aig deireadh an t-seusain.