http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

22 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:51 GMT

Adhartas ga dheanamh a thaobh seirbheis aiseig a Mhalaig

Tha e a' coimhead nas coltaiche a-nis gun teid seirbheis aiseig a chuir air doigh eadar Malaig agus Loch Baghasdail as deidh do riochdairean bho Storas Uibhist coinneachadh ri Ministear na Comhdhail, Stiubhairt Stevenson.

Bha e na air a bhith na bhriseadh duil do mhuinntir Uibhist nach robh an t-seirbheis an luib cumhnant ur Chaledonian Mhic a' Bhruthainn a ghleidh iad an-uiridh.

Dh'innse Mghr Stevenson dhaibh gum faodadh an t-airgead a bhith airson leithid de sheirbheis a chuir air chois.

Dh'iarr e gun deigheadh plana aontachadh eadar Caledonian Mac a' Bhruthainn, Comhairle nan Eilean Siar agus Storas Uibhist fhein airson am moladh a thoirt air adhart.

Thuirt Cathraiche Storas Uibhist, Aonghas Mac a' Mhaoilein, ged nach deach gealladh sam bith a thoirt seachad, gu robh barrachd dochais aige a-nis gu bheil iad fhein, a' Chomhairle, Caledonian Mac a' Bhruthainn agus an Riaghaltas deonach obrachadh comhla feuch de ghabhas deanamh.

"Tha am Ministear deonach a thighinn a-mach a dh'Uibhist a bhruidhinn rinn anns na miosan a tha romhainn nuair a gheibh e am fiosrachadh a tha sinn dol a chuir thuige", thuirt Mghr Mac a' Mhaoilean.

Cidhe Loch Baghasdail

Bho fhuair muinntir Uibhist a Deas sealbh air an cuid fearainn bho chionn ceithir miosan deug tha a' bhuidhean air a bhith coimhead ri mar a ghabhadh eaconomaidh na sgire a bhith air a thoirt air adhart.

A-measg na dh'iarradh iad tha gun deigheadh leasachadh a dheanamh aig cidhe Loch Baghasdail.

Bu mhath leotha nam biodh barrachd doimhneachd anns a' chaladh, gus am faigheadh soithichean mor a-steach ann agus gum biodh barrachd rium ann dhan na h-iasgairean agus do dh'aiseag.

Gheall Stiubhairt Stevenson gun deigheadh leasachadh aig a' chidhe a chuir dhan a' phrogram calpa aig an Riaghaltas.