http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

21 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 08:35 GMT

Iarrtas 'son leasachadh air Cala Loch Baghasdail

Tha a' bhuidheann coimhearsnachd Stòras Uibhist an dùil coinneachadh ri Ministear na Còmhdhail, Stiùbhart Stevenson, airson airgead leasachaidh airson cala Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas iarraidh air.

Tha a' bhuidheann an dùil coinneachadh ri Mgr Stevenson, Dimàirt (22/01/2008) 's iad ag iarraidh gun tig adhartas mòr air a' phort.

Chuir a' bhuidheann na planaichean aca dhan Chomhairle - a bha a' cur air adhart na bha iad a' moladh airson a' chala - nam measg àiteaichean ùra do bhàtaichean-seòlaidh, luing-cuairt-mara agus do bhàtaichean-iasgaich a bharrachd air planaichean leasachaidh airson taigheadas faisg air a' chidhe.

Thathas cuideachd a' moladh gum bi àite ùr ann far an tig an aiseag a-steach anns am bi doimhneachd agus leud nach eil ann an-dràsta.

Aiseag

Dhèanadh seo e na b'fhasa aiseag a chuir dhan chala, agus bheireadh e barrachd chothrom leasachaidh dhan chidhe.

A rèir Chathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac a' Mhaoilein, tha taic ann dha na planaichean bho bhuidhnean poblach air a' Ghàidhealtachd , agus thathas a-nis airson 's gun tòir am ministeir sùil gheur orra.

"Aig deireadh an latha feumaidh sin a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile goireas an Loch Baghasdal a tha sinn ag iarraidh dha na gnothaichean a tha sin a' cur air adhart." Thurit Mgr Mac a' Mhaoilein

"Tha airgead aig a' mhinistear airson cidheachan a chur air aghaidh, chan ann a-mhàin ann a Loch Baghasdail, as gach àite far a bheil na h-aiseagan a tha sin ag obair, agus tha sinne airson a dhèanamh cinnteach gun tèid seo dhan phlana chalpachais a tha aca-san"

Còmhstrì

Tha còmhstrì air a bhith ann sna seachdainean a chaidh seachad mu mholaidhean ChalMac airson slìghe aiseig Loch Baghasdail atharrachadh a Mhalaig.

Ach, a rèir Stòras Uibhist, chan eil sin a' dèanamh diofar aig an ìre seo ris na planaichean leasachaidh a th' aca airson cala Loch Baghasdail .

"Rud tha sinne a' coimhead air 's e gun tig againne air a dhol air adhart agus ciamar a thig againn ma dh'fhaoidte eadhon as t-samhradh seo tighinn air bàt-aiseig a bhith a' dol air ais 's air aghaidh eadar Loch Baghasdal agus Malaig."