http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

16 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 13:17 GMT

Moladh ChalMac air aiseag Mhalaig air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhruathainn am moladh a rinn iad anns a' Cheitean 2007 airson seirbheis a chur air bhog eadar Loch Baghasdail agus Malaig às aonais bàt-aiseig ùir.

Nochd làn-fhiosrachadh mun tairgse a chuir iad chun an Riaghaltais mu sheirbheis aiseig eadar Malaig 's Loch Baghasdail, air làraich-lìn na companaidh an-diugh (16/01/2008).

Tha fear dhe na pàipearan a dh'fhoillsich iad a' toirt fiosrachadh mionaideach seachad mu mar a ghabhadh an t-seirbheis eadar an t-Òban, Loch Baghasdail agus Bagh a' Chaisteil a ghluasad a Mhalaig.

Thathas a' cumail a-mach gun gabhadh seo a dhèanamh gun bàta ùr a cheannach.

Atharrachadh

Ach leis a' mholadh, chailleadh muinntir Bharraigh seirbheis dhìreach dhan Òban, ged a bhiodh seòlaidhean ann tro na h-Eileanan Beaga as t-Samhradh.

Thuirt Cal Mac nach b' urrainn dhaibh am moladh seo a chur an cois na tairgse deireannaich air sgàth riaghailtean an Riaghaltais.

Tha brath naidheachd bhon chompanaidh ag ràdh gum biodh am plana aca do-dèante a chur an-sàs leis an Riaghaltas fo riaghailtean a' phròiseis.

"Tha na pàipearan seo a' cur nan roghainnean a chaidh a thairgsinn air beulaibh an t-sluaigh. 'S e cùis a Riaghaltais a-nis a th' ann a thoirt air adhart, a' gabhail a-steach shuidheachaidhean a th' air atharrachadh agus mar a cho-dhùin sinn am pròiseas tairgse gu soirbheachail" Thuirt Stiùiriche Chal Mac Lawrie Sinclair.