BBC HomeExplore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha tèid an ùrachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a’ BhBC.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
BBC Scotland
Alba
Foghlam
»  

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Shaoileadh tu gu bheil na h-arceòlaichean a’ cladhach ann an talamh àbhaisteach ach ’s ann a tha iad a’ coimhead ann an seann shitig a tha a’ cuairteachadh nan taighean. ’S e midden an t-ainm a th’ aig arceòlaichean air sitig.

Nuair a tha iad air na rudan mòra, leithid pìosan chnàmhan, poitean agus sligean a lorg, bhiodh iad a’ cur ùir na sitig tro chriathair airson rudan nas lugha, mar chnàmhan èisg, a lorg.

Às dèidh sin bidh iad a’ nighe na sitig. Lorgaidh seo rudan beaga bìodach, mar sìol, nuair a sheòlas e air uachdar an uisge. Tha a h-uile càil a lorgas iad ag innse rudan cudromach dhaibh mu na daoine a bha a’ fuireach an seo.

Aig Skara Brae, chladhaich na h-arceòlaichean sìos tro ceithir mheatairean de shitig, fad na slighe sìos gu ìre làr nan taighean. Nuair a bha iad a’ dèanamh seo chunnaic iad gu robh dà bhaile air a bhith ann.

Chaidh am baile a chì thu an-diugh a thogail air muin baile na bu shine a tha a-nis fada fon t-sitig. An ceann greis dh’fhàs an t-sitig timcheall an dàrna baile.

Bha daoine air a bhith a’ fuireach san àite fiù mus deach Skara Brae fhèin a thogail.

Air Ais



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy