Tha an togalach seo eadar-dhealaichte bhon fheadhainn eile ann an Skara Brae.
’S e bùth-obrach a th’ ann - àite far am biodh daoine ag obair a’ dèanamh rudan – chan e àite far am biodh iad ag ithe no a’ cadal. Tha ballachan glè thiugh air agus tha e coltach gun deach a thogail ann an dòigh eadar-dhealaichte bho na taighean eile. Nuair a chaidh a ghlanadh a-mach bha an làr làn sgudail bho innealan cloiche.
Cha robh na h-arceòlaichean fada a’ tuigsinn gur e sòrn a bh’ ann an aon de na tuill anns a’ bhalla agus nach b’ e doras no uinneag a bh’ ann. Tha a’ ghaoth a’ sèideadh troimhe airson an teine a tharraing agus a dhèanamh nas teotha. Theasaich an teine na creagan bholcànach seo agus theasaich iadsan na cnapan chert a bhiodh iad a’ cleachdadh airson innealan a dhèanamh.
Seo chert. Ma theasaicheas tu e agus ma leigeas tu leis fuarachadh gu slaodach tha e nas fhasa sgealban a bhriseadh dheth airson innealan a dhèanamh. Chleachdadh iad na h-innealan sin, agus tuaghan cloiche coltach ris an fhear seo, airson mòran seòrsaichean innealan eile a dhèanamh bho chlach agus fiodh.
Dh’fhaodadh iad rudan sgeadaichte a dhèanamh le na h-innealan. ’S dòcha gum biodh iad a’ malairt stuth sgeadaichte le coimhearsnachdan eile
Air Ais