Seall a-steach. B’ e an dreasair a’ chiad rud a chitheadh tu nuair a nochdadh tu tron doras. Feumaidh gu robh e cudromach.
Saoil dè chuireadh iad air? Smaoinich air na rudan a bhios daoine a’ cumail a-muigh an-diugh nan dachaighean. Rudan brèagha agus rudan a ghluaiseas cuimhne. Còig mìle bliadhna air ais cha robh cloc no dealbh ann an cèis aca ann.
’S e rudan brèagha mar seo a bhiodh aca air an dreasair anns na làithean sin.
Nad shuidhe anns a’ chathair mhòir cloiche air beulaibh an dreasair bhiodh e furasta dhut faicinn cò bha a’ crùbadh a-steach air an doras. Dh’fheumadh iad coimhead an-àird ort nuair a thigeadh iad a-steach.
Cha ghabh an doras a ghlasadh ach bhon taobh a-staigh. Dh’fhaodadh tu a thighinn a-steach an seo agus an saoghal mòr a ghlasadh a-mach. Saoilidh sinn gur e pìos cnàimh, cloiche no fiodh a chleachdadh iad airson an doras a chumail dùinte. Chan eil ri fhaicinn an-diugh ach na tuill anns a’ chloich far am biodh babht an dorais air a chumail.
Air Ais