Bha craobhan uabhasach mòr a’ fàs aig aon uair far a bheil baile New York an-diugh.
Chaidh pìosan fiodha Ameireaganach a lorg aig Skara Brae. ’S coltaiche gun tàinig a’ mhòr-chuid dheth bho chraobhan a thuit nuair a chaidh bruaichean aibhnichean leis an t-sruth. Bhiodh na craobhan air seòladh sìos don mhuir agus mu dheireadh thall thigeadh cuid aca air tìr ann an Arcaibh.
Cha robh craobhan a’ fàs ann an Arcaibh idir aig an àm sin. Bhiodh fiodh-cladaich aca airson cabair nan taighean a thogail – ach am biodh gu leòr ann dheth?
Chaidh cnàmhan mòra mhucan-mara a lorg nuair a chaidh aon de na taighean a ruamhair. ’S dòcha gu robh iad gan cleachdadh airson cabair nan taighean a thogail agus gum biodh iad a’ ceangal stuth eile – leithid feamainn – riutha airson an tughadh a dhèanamh. /p>
Cha shaoileadh tu gum biodh leabaidh cloiche glè chàilear ach dh’fhaodadh iad a bhith gu math seasgair, cofhurtail le raineach annta agus craicinn chaorach is fhiadh air am muin.
Air Ais