Tha Skara Brae air fìor oir Bàgh Skaill air taobh siar Mainland, an t-eilean as motha ann an Arcaibh. Tha Arcaibh a’ laighe far cost a-tuath na h-Alba.
’S e baile de thaighean cloiche glè aosta a th’ ann an Skara Brae. Chaidh a lorg còrr is ceud gu leth bliadhna air ais. Chan eil ach aon rùm anns gach taigh. An-diugh, tha cuid de na taighean letheach fon talamh ged a bhiodh iad uile air uachdar na talmhainn aig aon uair.
Bidh stoirmean uabhasach ann an Arcaibh a h-uile geamhradh. Ann an Ochd Ceud is Caogad (1850) shèid stoirm na dùin-ghainmhich air falbh agus chunnaic daoine a’ chiad bhoillsgeadh de Skara Brae.
Air Ais