Còig mìle bliadhna air ais bha a' mhuir tòrr na b' fhaide air falbh na tha i an-diugh. Cha robh Bàgh Skaill fiù ann fhathast. Cha robh càil ann ach dùin-ghainmhich agus machair fad is farsaing.
B' e daoine glic a bh' ann am muinntir a' bhaile. Thog iad na taighean aca faisg gu leòr air a' mhuir airson biadh agus fiodh-cladaich fhaighinn aiste ach cha robh iad airson a bhith ro fhaisg, chionn ‘s gu robh na stoirmean cho cunnartach.
Saoil carson a dh' fhàg na daoine am baile?
Air Ais