BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Loidhne Tìm

Loidhne Tìm


  • Dihaoine 5 Samhain 1688 – Uilleam à Orainds a’ gluasad a-steach a Shasainn.

  • 1715 – an t-Ar-a-mach Seumasach aig Seumas Frangan Stiùbhart. Tha an t-Ar-a-mach a’ fàilligeadh.

  • Disathairne 21 Dùbhlachd 1720 – Rugadh Teàrlach Eideard Stiùbhart san Ròimh, san Eadailt.

  • Dihaoine 23 Iuchar 1745 – Tha am Prionnsa Teàrlach a’ ruighinn Eilean Èirisgeigh.

  • Diardaoin 19 Lùnastal 1745 – Tha am Prionnsa Teàrlach a’ togail bratach nan Seumasach ann an Gleann Fhionghuin.

  • Dihaoine 20 Sultain 1745 – Blàr Sliabh a' Chlamhain. Tha na Seumasaich a’ buannachd!

  • Diluain 8 Samhain 1745 – Tha na Seumasaich a’ dol thairis na crìche a Shasainn.

  • Diluain 15 Samhain 1745 – Tha arm nan Seumasach a’ gabhail baile Carlisle.

  • Dimàirt 23 Samhain 1745 – Tha Diùc Chumberland a’ dol na cheannard air feachdan Bhreatainn agus tha e air a chur a cheannsachadh nan Seumasach.

  • Disathairne 4 Dùbhlachd 1745 – Tha arm nan Seumasach a’ ruighinn baile Derby ann an Sasainn.

  • Didòmhnaich 5 Dùbhlachd 1745 – Tha ceannardan nan Seumasach a’ co-dhùnadh tilleadh a dh’Alba seach cumail orra airson ionnsaigh a thoirt air Lunnainn. Tha am Prionnsa Teàrlach feargach! Tha esan ag iarraidh ionnsaigh a thoirt air Lunnainn!

  • Dimàirt 21 Dùbhlachd 1745 – Tha na Seumasaich a’ dol thairis na crìche air ais a dh’Alba. Tha am Prionnsa Teàrlach 25 an-diugh!

  • Diluain 17 Faoilleach 1746 – Blàr na h-Eaglaise Brice. Tha na Seumasaich a’ faighinn buaidh air arm Bhreatainn!

  • Diciadain 16 Gearran 1746 – Ruaig na Mòighe. Tha riaghaltas Bhreatainn a’ feuchainn ris a’ Phrionnsa Teàrlach a ghlacadh gun fhiosta aig Mòigh. Tha iad a’ fàilligeadh.

  • Diciadain 2 Màrt 1746 – Tha am Prionnsa Teàrlach ga shuidheachadh fhèin aig Inbhir Nis.

  • Dihaoine 15 Giblean 1746 – Màrsail na h-oidhche gu Inbhir Narann. Tha na Seumasaich a’ feuchainn ri ionnsaigh gun fhiosta a thoirt air Diùc Chumberland agus a shaighdearan. Tha iad a’ fàilligeadh. ’S e co-latha breith an Diùc a th’ ann cuideachd – tha e 25!

  • Disathairne 16 Giblean 1746 – Blàr Chùil Lodair! Tha na Seumasaich a’ call agus tha am Prionnsa Teàrlach a’ ruith air falbh!

  • Diardaoin 16 Ògmhìos 1746 – Tha am Prionnsa Teàrlach a’ coinneachadh ri Flòraidh NicDhòmhnaill anns an Eilean Sgìtheanach. Tha i ga chuideachadh a’ teicheadh le bhith ga chur ann an aodach boireannaich!

  • Diluain 19 Sultain 1746 – As dèidh mìosan a’ falach, tha am Prionnsa Teàrlach a’ faighinn air falbh don Fhraing ann an soitheach. Tha e a’ fàgail a charaidean agus a shaighdearan Seumasach air a chùlaibh!

  • Diluain 21 Faoilleach 1788 – Tha am Prionnsa Teàrlach a’ caochladh anns an Ròimh. Tha e a’ faighinn bàs anns an aon rùm san d’ rugadh e! Bha e 68 bliadhna a dh’aois.

Leabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy