BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Sgàil-riochdLeabhar Fiosrachaidh: Iain O'Sullivan

Rugadh 1700. Bhàsaich – chan eil fios.


B’ e Èireannach a bh’ ann an Iain O’Sullivan a bha na dheagh charaid aig a’ Phrionnsa Teàrlach. Coltach ris a’ Mhorair Seòras Moireach, b’ e duine glè chudromach ann an arm nan Seumasach a bh’ ann.

  • B’ e obair O’ Sullivan an t-arm a chur an òrdugh agus dèanamh cinnteach gu robh biadh agus armachd gu leòr aca agus gu robh iad far am bu chòir dhaibh a bhith!
  • Cha bu toil leis am Moireach agus bha iad an còmhnaidh a’ dol a-mach air a chèile.
  • Chuir mòran dhaoine a’ choire air O’ Sullivan airson gun do chaill na Seumasaich blàr Chùil Lodair. Ach b’e saighdear le mòran eòlais a bh’ ann agus bha e fìor mhath air obair!
  • Chuidich O’ Sullivan ann a bhith a’ dèanamh aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche san Ar-a-mach.
  • Cha robh am Moireach airson gun deidheadh iad a shabaid air mòinteach Dhruim Athasaigh aig Cùil Lodair. Shaoil e gu robh an talamh ro bhog agus ro chòmhnard. Shaoil am Prionnsa Teàrlach gu robh am Moireach ceàrr. Dh’aontaich O’ Sullivan leis a’ Phrionnsa agus chaidh am blàr air adhart. Chaill na Seumasaich!
  • As dèidh an Ar-a-mach theich O’Sullivan don Fhraing.

Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy