Leabhar Fiosrachaidh: Am Morair Seòras Moireach
Rugadh 1694. Bhàsaich 1760.
B’ e duine air leth cudromach ann an Ar-a-mach nan Seumasach a bh’ anns a’ Mhoireach. Bha e aig ceann arm a’ Phrionnsa.
- Bha ainm aige mar dheagh cheannard airm agus bhuannaich e iomadh blàr mus do chaill na Seumasaich blàr Chùil Lodair
- B’ e duine uabhasach pròiseil a bh’ ann agus cha robh e furasta dèiligeadh ris.
- Cha robh am Prionnsa Teàrlach uabhasach dèidheil air a’ Mhoireach ach bha fios aige gu robh feum aige air.
- Bha am Moireach air sabaid ann an Ar-a-mach Seumasach roimhe. Ann an 1715 dh’fheuch e ri athair Theàrlaich, Seumas Frangan, a chuideachadh a’ faighinn a’ chrùin air ais. Dh’fhàillig an t-Ar-a-mach sin cuideachd.
- Bha pàirt mhòr aig a’ Mhoireach ann an aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche san Ar-a-mach. Thug e air Teàrlach tilleadh a dh’Alba seach ionnsaigh a thoirt air Lunnainn.
- Nuair a dh’fhàillig an t-Ar-a-mach, theich am Moireach don Fhraing agus mu dheireadh bhàsaich e san Òlaind aig aois 66.