BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Diùc Chumberland

Leabhar Fiosrachaidh: Diùc Chumberland

Rugadh 1721. Bhàsaich 1765.


B’ e am Prionnsa Uilleam Augustus an t-ainm a bh’ air Diùc Chumberland. B’ esan am mac a b’ òige aig an Rìgh Seòras II agus oighre air crùn Bhreatainn. Chuir e blàr ris a’ Phrionnsa Teàrlach agus na Seumasaich aig Cùil Lodair.

  • Bhathas a’ meas an Diùc mar seanalair mòr a choisinn iomadh blàr cudromach.
  • Fhuair e cliù mar ghaisgeach as dèidh Blàr Chùil Lodair airson gu robh mòran dhaoine taingeil gun do shàbhail e an dùthaich bho arm nan Seumasach.
  • Ach shaoil mòran Ghàidheal nach robh ann ach brùid. Chuir iad a’ choire air airson brùidealachd nan saighdearan aige.
  • Mharbh saighdearan an Diùc mòran Sheumasach a bha air an leòn agus iomadh duine neochiontach eile nach robh fiù anns a’ bhlàr.
  • Mharbh a shaighdearan uiread daoine ’s gun d’fhuair an Diùc am far-ainm "Am Bùidsear".
  • Cha mhòr nach robh Am Prionnsa Teàrlach agus an Diùc an aon aois agus bha iad fiù càirdeach ri chèile!
  • Chaidh plannta ainmeachadh as dèidh an Diùc. ’S e Sweet William a bh’ aig a luchd-taic air ach ’s e bh’ aig a nàimhdean air ach Stinking Billy!

Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy