Leabhar Fiosrachaidh: Seumas Frangan Stiùbhart no an "Old Pretender"
Rugadh 1688. Bhàsaich 1766.
B’ e mac Seumas VII na h-Alba (Seumas II Shasainn) a bh’ ann an Seumas Frangan. Anns a’ Bheurla fhuair Seumas Frangan am far-ainm "Old Pretender" airson gur e tagraiche a bh’ ann airson crùintean Shasainn agus na h-Alba. Bha cuid den bheachd nach robh còir aige a ràdh gur esan fìor rìgh Shasainn agus na h-Alba.
Thug Pàrlamaid Shasainn air athair, Seumas II, an dùthaich fhàgail ann an 1688.
Thàinig Prionnsa Duitseach, Uilleam à Orainds, na Rìgh air Sasainn agus na h-Alba.
Dh’ fheuch Seumas Frangan an crùn fhaighinn air ais do athair ann an 1715 ach dh’fhàillig an t-Ar-a-mach aige.
Bha cuid an aghaidh nan Stiùbhartach airson gu robh eagal orra gun atharraicheadh iad creideamh na dùthcha. Bha creideamh uabhasach cudromach aig an àm ud.
Bha na Stiùbhartaich a’ creidsinn gu robh còir aca bho Dhia a bhith nan rìghrean agus nach feumadh iad èisteachd ri duine sam bith.
Bha na daoine a thug taic do Sheumas Frangan den bheachd gum bu chòir dha a bhith na rìgh airson gur e mac Sheumais II a bh’ ann. Cha robh iad idir toilichte gur e nighean Sheumais VII fhèin agus am fear pòsta Duitseach aice, Uilleam, a bha a’ riaghladh na h-Alba agus Sasainn!