BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Teàrlach Eideard StiùbhartLeabhar Fiosrachaidh: Teàrlach Eideard Stiùbhart no "Bonnie Prince Charlie"

Rugadh 1720. Bhàsaich 1788.


B’ e Teàrlach Eideard Stiùbhart mac Sheumais Fhrangain Stiùbhairt (an "Old Pretender") agus ogha Sheumais VII na h-Alba (Seumas II Sasainn a bh’ ann cuideachd).

Thòisich Teàrlach Eideard an t-Ar-a-mach Seumasach ann an 1745 a dh’fhaighinn crùn Shasainn agus na h-Alba air ais do athair.

  • B’e Seumasaich (no Jacobites sa Bheurla) a bh’ air luchd-leanmhainn a’ Phrionnsa Teàrlaich.
  • Tha am facal Jacobite a’ tighinn bhon Laideann airson Seumas – seanar Theàrlaich. ’S e Jacobus a th’ air Seumas ann an Laideann.
  • Thogadh am Prionnsa Teàrlach anns an Eadailt agus cha robh e riamh ann an Alba gus an do thòisich an t-Ar-a-mach.
  • Cha robh e ach 25 nuair a thòisich e an t-Ar-a-mach!
  • B’ e duine tarraingeach, eireachdail a bh’ ann ach bha cuid den bheachd nach robh e eòlach gu leòr agus cuideachd gu robh beachd ro mhath aige air fhèin!
  • Nuair a dh’fhàillig an t-Ar-a-mach chaidh e air ais a dh’fhuireach san Eadailt.
  • B’ e deireadh brònach a bh’ air a làithean agus bha e ag òl fada cus deoch laidir. Bhàsaich e san Ròimh aig aois 68.

Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy