Leabhar Fiosrachaidh: Breatainn anns na 1700an
Thàinig atharrachadh mòr air Breatainn anns na 1700an. Ann an 1745 b’ e Breatainn aon de na dùthchannan as beartaiche agus as cumhachdaiche san t-saoghal! Ann an 1707 thàinig Alba agus Sasainn còmhla a dhèanamh dùthaich ùr - Breatainn. Agus, a thuilleadh air sin, bha teaghlaichean rìoghail ùra aca – fear Duitseach an toiseach agus an uairsin fear Gearmailteach!
- Bha ìmpireachd anabarrach mòr aig Breatainn agus bha smachd aice air pàirt mhòr de Aimeireaga agus Canada.
- Bha malairt ann an clò, spìosraich, tombaca, biadh agus seudan air Breatainn a dhèanamh beairteach!
- Bha a’ chabhlach a bu mhotha san t-saoghal aig Breatainn agus na longan cogaidh as fheàrr.
- Bha Prìomhaire agus pàrtaidhean poilitigeach aig Breatainn dìreach mar a tha againn an-diugh!
- Dh’atharraich a’ Phàrlamaid na riaghailtean air cò a dh’fhaodadh Breatainn a riaghladh. Chan fhaodadh Caitligich riaghladh. Bha seo a’ ciallachadh nach b’ urrainn do Sheumas VII agus a mhac Seumas Frangan a bhith nan rìghrean. Chaidh na càirdean a b’ fhaisge aca a chur nan àite.
- An toiseach thàinig mac peathar Sheumais VII, Uilleam à Orainds, na rìgh agus an uairsin thàinig fear de chàirdean na Banrigh Anna, an Gearmailteach Seòras Hanòbhair, a lìonadh na rìgh-chathair.
Ach bha beatha nan daoine cumanta fhathast glè chruaidh. Mura b’ urrainn dhut obair chan fhaigheadh tu pàigheadh agus cha b’ urrainn dhut ithe! Agus ma bha thu tinn agus nach robh airgead gu leòr agad airson dotair a phàigheadh dh’fhaodadh tu bàsachadh!