BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Bratach

Leabhar Fiosrachaidh: Cogadh eadar Breatainn agus an Fhraing


Bha adhbhar eile ann airson gun do thachair Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. B' e an Fhraing an nàmhaid bu mhotha a bh' aig Breatainn aig an àm seo. Bha an dà dhùthaich a’ sabaid a chèile anns na 1740an. Cho-dhùin na Frangaich gun cuidicheadh iad na Seumasaich leis an Ar-a-mach aca. Carson?

  • Bu toil le Rìgh na Frainge na Stiùbhartaich. B' e Caitligich a bh' annta coltach ris fhèin.
  • B' e Albannaich a bh' anns na Stiùbhartaich agus b'e deagh charaidean a bh' ann an Alba agus an Fhraing fad iomadh linn.
  • Bha Rìgh na Frainge den bheachd gur e na Stiùbhartaich fìor rìghrean Shasainn agus na h-Alba – agus cha b’ e Pròstanaich Ghearmailteach!

Ach, bha adhbharan dìomhair ann cuideachd airson gu robh na Frangaich a’ toirt taic do na Seumasaich.

  • Nan tòisicheadh na Seumasaich Ar-a-mach, bhiodh aig Breatainn ri saighdearan a chur nan aghaidh. Bhiodh seo a’ ciallachadh nach biodh uiread shaighdearan Breatannach ann airson dol an aghaidh na Frainge!
  • Nam buannaicheadh na Seumasaich bhiodh Rìgh ùr Bhreatainn na dheagh charaid aig an Fhraing. Bhiodh a h-uile coltas ann gum biodh Breatainn agus an Fhraing a’ sabaid còmhla seach an aghaidh a chèile an uairsin.

Nuair a rinn na Seumasaich ionnsaigh air Sasainn bha an Fhraing an dùil an cuideachadh agus ionnsaigh a thoirt air Sasainn cuideachd. ’S e cabhlach Bhreatainn agus an droch thìde againn a chuir stad orra!


Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy