BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

BratachLeabhar Fiosrachaidh: Na Cinnidhean Gàidhealach


B' e na cinnidhean aon adhbhar eile airson gun do thachair an t-Ar-a-mach Seumasach ann an 1745. Bha dòigh-beatha nan cinnidhean agus na rudan a bha iad a' creidsinn a' ciallachadh gu robh iad deònach sabaid airson a' Phrionnsa Teàrlaich fiù nuair nach bu toil leotha e agus nuair nach robh iad a' saoilsinn gum buannaicheadh e! Carson?

  • B' e buidhnean de theaghlaichean agus daoine a bha càirdeach ri chèile a bh' anns na cinnidhean.
  • Bha ceann-cinnidh aig gach cinneadh a bha gan riaghladh agus a' dèanamh nan co-dhùnaidhean uile.
  • Mura dèanadh duine sa chinneadh mar a chaidh iarraidh orra dh'fhaodadh e droch pheanasachadh fhaighinn! Dh'fhaodadh e an taigh aige a chall agus dh'fheumadh e am baile aige fhàgail!
  • Thuirt cuid de chinn-cinnidh gun deidheadh iad a shabaid airson a' Phrionnsa Teàrlaich. Bha seo a' ciallachadh gu feumadh fir a' chinnidh uile a dhol a shabaid airson a’ Phrionnsa cuideachd! Cha robh cothrom aca air – b' e Seumasaich a bh' annta uile!
  • Bha cinn-cinnidh eile nach robh airson sabaid airson Teàrlaich. Chaidh iadsan a shabaid airson Diùc Chumberland an aghaidh nan Seumasach.
  • Bha teaghlaichean ann far an robh cuid aca air gach taobh ann am Blàr Chùil Lodair! Bha fiù fear a' sabaid ann an arm Diùc Chumberland an aghaidh athair fhèin a bha na Sheumasach!
  • Gu dearbh, bha barrachd Albannaich a' sabaid an aghaidh a' Phrionnsa Teàrlaich na bha aige san arm aige fhèin! CHA B'E Sasainn an aghaidh Alba a bha an seo!
  • B' e cogadh sìobhalta a bh' ann – le Albannaich an aghaidh Albannaich.

Nuair a chaill na Seumasaich Blàr Cùil Lodair, dh'fheuch Riaghaltas Bhreatainn ri cur às do dhòigh-beatha nan cinnidhean Gàidhealach. Bha an riaghaltas a' smaoineachadh gu robh siostam nan cinnidhean cunnartach. Nan robh còig no sia cinn-cinnidh airson ar-a-mach a thogail dh'fhaodadh iad arm a chruinneachadh le mìltean de dhaoine ann! Chuir an riaghaltas toirmeasg air fiù breacan a chaitheamh no a' phìob mhòr a chluich.


Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy