Leabhar Fiosrachaidh: Ar-a-mach nan Seumasach 1715
Bha Ar-a-mach Seumasach air a bhith ann mus do thòisich am fear aig a' Phrionnsa Teàrlach. Ann an 1715 thàinig athair a' Phrionnsa Teàrlaich, Seumas Frangan Stiùbhart, a dh'Alba agus dh'fheuch e ri crùintean Shasainn agus na h-Alba fhaighinn air ais. Carson?
- Ann an 1714 chaochail Banrigh Bhreatainn, A' Bhanrigh Anna, gun clann fhàgail as a dèidh. Bha 18 leanabh aice ach chaochail iad uile mus do chaochail i fhèin!
- Bha na caraidean Seumasach aig Seumas Frangan ag iarraidh gur e esan an ath Rìgh a bhiodh ann chionns gur e bu chairdich do dh'Anna.
- Ach b' e Caitligeach a bh' ann an Seumas Frangan agus cha robh Pròstanaich Bhreatainn ga iarraidh!
- An àite an crùn a thoirt do Sheumas thugadh e don Phròstanach a b' fhaisge de na càirdean aice. Fhuair Seòras Hanòbhair, fear de chàirdean Gearmailteach Anna, an rìgh-chathair nuair a bhàsaich Anna. Chuir seo fearg eagallach air na Seumasaich!
- Cha b' urrainn don Rìgh ùr, Seòras I, Beurla a bhruidhinn agus cha robh daoine idir toilichte leis.
- Thàinig Seumas Frangan a dh’ Alba ann an 1715 agus thog e arm Seumasach.
- Ach cha do rinn iad planadh math air cùisean idir. Cuideachd dh'fhàs Seumas Frangan tinn agus mu dheireadh dh'fhàillig an t-Ar-a-mach.
Bha iomadh Seumasach den bheachd gum biodh iad air buannachd nam biodh an t-Ar-a-mach air a phlanadh na b' fheàrr agus gum biodh Seumas Frangan air crùintean Shasainn agus na h-Alba fhaighinn air ais. Nuair a dh'fheuch am Prionnsa Teàrlach a-rithist ann an 1745, shaoil mòran Sheumasach gun deidheadh leotha an turas seo!