Leabhar Fiosrachaidh: Achd an Aonaidh
B' e rud eile a dh'adhbharaich Ar-a-mach nan Seumasach gun tàinig lagh ùr a-steach air an robh Achd an Aonaidh. Rinneadh an Achd seo ann an 1707 agus cheangail e Sasainn agus Alba ri chèile, a' dèanamh dùthaich ùr air an robh Breatainn. Roimhe sin bha iad air a bhith nan dùthchannan fa leth. Ach dè bha seo a' ciallachadh?
- Airson iomadh bliadhna bha na h-aon rìghrean air a bhith aig Alba agus Sasainn ach dh'fhuirich iad air leth bho chèile.
- Rinneadh Achd an Aonaidh airson na dhà a thoirt mòran na b’ fhaisge air a chèile.
- Bha mòran Albannaich mì-thoilichte leis an aonadh seo. Shaoil iad gu robh Sasainn a' maoidheadh air Alba.
- Nuair a dh'aontaich Pàrlamaid na h-Alba ris an Achd bha aimhreit air sràidean na h-Alba!
- Thug iomadh Albannach taic do chùis nan Seumasach airson gu robh iad a' smaoineachadh gun cuireadh na Stiùbhartaich às den Aonadh agus gum biodh Alba ga riaghladh fhèin a-rithist.
- Ach bha cuid ann a bha ag iarraidh na h-Achd. Dh'fhàs Alba mòran na bu bheartaiche agus rinn iomadh duine tòrr mòr airgid!
Bha cuid de Sheumasaich ann nach robh a' gabhail dragh am faigheadh na Stiùbhartaich an crùn air ais cho fada 's a gheibheadh Alba a bhith na dùthaich fa leth a-rithist.