BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Rìgh Seumas VIILeabhar Fiosrachaidh: An Rèabhlaid Ghlòrmhor


B’ e fìor thoiseach Ar-a-mach Seumasach 1745 nuair a chaill an Rìgh Seumas II (Seumas VII na h-Alba) a chrùn ann an 1688 agus a chaidh a nighean fhèin agus mac a pheathar as an Òlaind na àite! ’S e an An Rèabhlaid Ghlòrmhor an t-ainm air seo. Ach ciamar a thachair e?

  • Cha robh mòran dhaoine toilichte le Seumas. Bha e a' creidsinn ann an rud air an robh 'Còir bho Dhia'. Bha e den bheachd gur e Dia fhèin a rinn na rìgh e agus nach robh aige ri èisteachd ri duine air thalamh!
  • Bha creideamh aig Seumas a bha eadar-dhealaichte bhon mhòr-shluagh. Thionndaidh e don chreideamh Chaitligeach nuair as e Pròstanaich a bh' ann am muinntir na dùthcha. Bha eagal air na daoine gun toireadh e air a h-uile duine tionndadh don chreideamh Chaitligeach cuideachd! B' e rud mòr a bh' ann an seo aig an àm. Bha eagal air daoine gum faigheadh na Caitligich làmh an uachdair!
  • B' e Pròstanach a bh' ann am Màiri, nighean Sheumais, fhathast. Bha i air a co-ogha Duitseach, Uilleam, a phòsadh. B' e esan mac peathar Sheumais! B' e Pròstanach a bh' ann an Uilleam cuideachd.
  • Dh'iarr daoine cudromach anns an riaghaltas air Màiri agus Uilleam a thighinn a Shasainn le arm Uilleim a chur ruaig air Seumas! Bha na daoine mòran nas toilichte le teaghlach rìoghail Pròstanach.
  • Thàinig Uilleam agus Màiri a riaghladh Shasainn agus Alba ann an 1688.

Ach bha caraidean aig an Rìgh Seumas ged-thà. Cha robh iad ag iarraidh rìgh bho thall thairis agus bha iad airson gun tilleadh Seumas. Fhuair iad an t-ainm 'Jacobites' sa Bheurla airson gur e Jacobus an t-ainm Laideann airson Seumas.



Air AisLeabhar FiosrachaidhDhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy