BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

BBC Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
»

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 

Alba,1746. Tha an t-Ar-a-mach air fàilligeadh!

Fhad ’s a tha saighdearan an Riaghaltais a’ coimhead airson a’ Phrionnsa Teàrlaich, tha na daoine cumanta a’ fulang.

Dealbh de dhaoine anns a' Ghàidhealtachd

Seumas Dòmhnallach, Saighdear Seumasach

Tha cùisean air a bhith uabhasach bhon a chaill sinn am blàr. Tha an riaghaltas air a bhith a’ cur dhaoine an grèim agus a’ falbh leotha don phrìosan. Saighdearan a’ murt shaighdearan Seumasach agus iad air an leòn. Tha iad fiù air casg a chur air caitheamh a’ bhreacain agus cluich na pìoba! Tha ar saoghal seachad. Mo mhallachd air a’ Phrionnsa Stiùbhartach ud. B’ e esan a thòisich seo ach tha e a-nis air a chasan a thoirt leis agus sinne fhàgail nar n-èiginn. An gealtaire! Fuiricheadh e anns an Eadailt. ’S ann à sin a tha e co-dhiù! Gu dearbh chan e Albannach a th’ ann, tha sin cinnteach! Duine gun onair! Taigh na croiche leis!


Mullach

Flòraidh NicDhòmhnaill

Gu dearbh, chuidich mise am Prionnsa Teàrlach a’ faighinn air falbh don Fhraing. Ach chan e Seumasach a th’ annam – bha mi dìreach a’ cuideachadh duine a bha ann an cruaidh fheum. Tha saighdearan an riaghaltais anns a h-uile h-àite a’ dèanamh rudan uabhasach air na daoine. Chaidh daoine neo-chiontach a mhurt! Chuidichinn duine sam bith teicheadh bhon uabhas sin! Tha e coltach gu bheil na saighdearan air mo thòir-sa a-nis airson gun do chuidich mi am Prionnsa. Thèid mo chur an grèim agus mo thoirt don phrìosan. Ach chan eil dragh agam. Dhèanainn a-rithist e. Dè eile a b’ urrainn do Chrìostaidh a dhèanamh.


Mullach

Seumas Ray, Saighdear ann an Arm Bhreatainn

Chan eil pròis sam bith orm mu chuid de na rudan a chaidh a dhèanamh as dèidh a’ bhlàir. Chaidh tòrr daoine neo-chiontach a mharbhadh. Ach uaireannan feumar droch rudan a dhèanamh airson deagh adhbhar. Bha againn ri bhith trom air na Seumasaich ud. Chan eil sinn airson gun tòisich iad cogadh eile. Dè thigeadh an uairsin ach tuilleadh bàis. Mharbh sinn mòran shaighdearan leònte, aidichidh mi sin. Ach dè eile a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh? Am fàgail a’ bàsachadh gu slaodach? Nach b’ fheàrr am marbhadh anns a’ bhad agus stad a chur air an èiginn aca. Chan eil sin a’ ciallachadh gur e daoine olc a th’ annainn.


Mullach


Theirig don duilleig-dhachaigh

Theirig don duilleig-dhachaigh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy