Cùil Lodair, 1746. Mo chreach! Cha deach cùisean ro mhath an deach!
Ach tha cothrom ann fhathast! Le buaidh bidh an crùn agadsa. Ma chailleas tu am blàr bidh a h-uile càil caillte. Dè nì thu?
Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Feumaidh sinn talamh eile a lorg airson sabaid. Tha a’ mhòinteach seo ro bhog agus ro fhosgailte. ’S e a dh’fheumas sinne ach tighinn sìos air an nàmhaid bho àirde agus craobhan a bheir dìon dhuinn. Tha canain agus gunnaichean aca agus thèid ar reubadh às a chèile mus faigh sinn faisg gu leòr airson sabaid. Bu chòir dhuinn ratreut a dhèanamh agus sabaid am badeigin eile!
Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Chan eil càil ceàrr air a’ mhòintich sin. Tha i bog gun teagamh ach cuiridh sin maill air na h-eich acasan. ’Se gaisgich a th’ anns an arm againne – chan eil canain a’ cur eagal sam bith orra. Tha sinn air cus teichidh a dhèanamh. ’S e saighdearan a th’ annainn agus tha sinn ag iarraidh sabaid. Bu chòir dhuinn sabaid far a bheil sinn. Ma bhuannaicheas sinn gheibh sinn an crùn air ais!
Seumas Dòmhnallach, Saighdear Seumasach
Cha ghabh e a chreidsinn gu bheil sinn a’ sabaid an seo! Tha e ro fhosgailte agus chan eil àite falaich ann! Chan urrainn dhuinn dol sìos orra an sin – tha cus chanan aca! ’S e an aon chothrom a th’ againn faighinn faisg orra cho luath ’s a ghabhas. Ma gheibh sinn thuca luath bidh cothrom againn. ’S e an rud as miosa dhomhsa gu bheil mo cho-ogha Iain a’ sabaid airson an Riaghaltais. Tha mi an dòchas gu bheil e ceart gu leòr.
Iòsaph Yorke, Oifigear ann an Arm Bhreatainn
Mu dheireadh thall tha na reubaltaich seo againn nar spògan! Tha tòrr a bharrachd ghunnaichean is canain againne na th’ acasan. ’S e sin a bheir an latha dhuinne. Nach neònach gu bheil barrachd Albannaich anns an arm againne na tha aig na Seumasaich anns an arm aca fhèin. Agus tha tòrr de na saighdearan againne le càirdean a tha cur taic ris na Seumasaich. Ach ’s e na canain! ’S e sin a bheir buaidh dhuinne. ’S iad na canain a cheannsaicheas na ceannaircich!
Mar a Nithear Ionnsaigh Ghàidhealach
’S e dòigh sabaid glè shìmplidh agus èifeachdach a th’ anns an ionnsaigh Gàidhealach airson ionnsaigh a thoirt air nàmhaid. Bidh saighdearan a’ dèanamh air an nàmhaid nan deann ruith a’ losgadh nam musgaidean aca nuair a gheibh iad faisg gu leòr. An uairsin bidh iad a’ toirt dhaibh leis a’ chlaidheamh gan gearradh agus gan stialladh. Tha ionnsaigh Gàidhealach cho eagallach ’s gur tric a bhios e a’ toirt air an nàmhaid ruith air falbh cho luath ’s a chì iad na Gaidheil a’ tighinn. Ach feumar a bhith glè luath agus treun airson a dhèanamh!
Claidheamh agus targaid
B’e an claidheamh agus an targaid (no sgiath) na buill airm a b’ fheàrr le mòran de na Seumasaich. Bha claidheamh agus targaid uabhasach math airson sabaid ma bha thu faisg air nàmhaid ach cha robh iad gu feum sam bith ma bha an nàmhaid fada air falbh. Sin an t-adhbhar a bhiodh na Gàidheil a’ dèanamh air an nàmhaid nan deann gus am faigheadh iad faisg orra gu luath.
Musgaid agus beigleid
B’ e a’ mhusgaid agus a’ bheigleid na buill airm a bha arm Bhreatainn a’ cleachdadh aig an àm seo. Cha b’ urrainn do mhusgaid losgadh ach aon pheileir aig aon àm agus an uairsin dh’fheumar peileir eile a chur innte; ach b’ urrainn do shaighdear sgileil trì peilearan a losgadh ann am mionaid. B’ e sgian fhada a bh’ anns a’ bheigleid a bha ga ceangal ri beul a’ ghunna agus bhiodh iad ga sàthadh anns an nàmhaid nuair a thigeadh e ro fhaisg.