Dùn Èideann, 1745. Tha smachd agad air Alba.
Dè a nì thu a-nis? An dèan thu ionnsaigh air Sasainn no dìon air Alba?

Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Tha Alba againn – coma leinn Sasainn! Thig feachd an Riaghaltais sìos oirnn agus feumaidh sin tuilleadh shaighdearan airson an dùthaich a dhìon! Bhiodh sinn às ar ciall a dhol a Shasainn! Chan eil an t-arm mòr gu leòr agus cha chur na Frangaich saighdearan thugainn!



Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Feumaidh sinn leantainn oirnn! Tha feachdan an Riaghaltais thall thairis a’ sabaid. Ma nì sinn air Sasainn an-dràsta èirigh Seumasaich Shasainn gar cuideachadh agus dh’fhaodadh sinn Lunnainn a ghabhail thairis! Ma nì sinn sin bidh a’ bhuaidh againn! Gheibh bhur n-athair an crùn air ais!



Litir gu Pàipear-naidheachd Sasannach
Gu Fear Deasachaidh an Gentleman’s Quarterly: A Dhuin’ Uasail, Tha baile Lunnainn gu lèir fo eagal ro na reubaltaich Sheumasach. Thug iad a-mach buaidh air an arm ghlòrmhor againn ann an Alba agus chan eil mòran a chuireas stad orra gus ionnsaigh a thoirt air Sasainn. Tha sinn ann an droch shuidheachadh! Feumaidh mac Rìgh Sheòrais, Diùc Chumberland, tilleadh às an Roinn Eòrpa, leis an arm aige airson na reubaltaich Albannach seo a chur sìos! Dè cho fada ’s a dh’fheumas sinn feitheamh? Is mise le meas, Fear Iomagaineach à Lunnainn.



Litir thugad bho na Frangaich
Don Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart. Ur Mòrachd Rìoghail, tapadh leibh airson bhur litreach mu dheireadh. Tha sinn toilichte cluinntinn cho soirbheachail ’s a tha sibh. Tha sinn a’ gealltainn airgead agus saighdearan a dh’aithghearr. Tha an cogadh san Roinn Eòrpa gar cumail anabarrach trang. Innsibh dhuinn ma tha sibh airson ionnsaigh a thoirt air Sasainn. Bhiodh sinne toilichte ionnsaigh a thoirt orra cuideachd agus cuideachadh leis an crùn fhaighinn air ais airson bhur n-athar.



Dealbh bhur Seanar, Seumas VII na h-Alba
B' e Seumas Stiùbhart an t-ainm a bh’ air an t-Seachdamh Rìgh Sheumais na h-Alba agus an dàrna rìgh Sheumais à Sasainn. Cha robh mòran dhaoine dèidheil air an rìgh seo. Ann an 1688 dh’ iarr cuid ann am Pàrlamaid Shasainn air nighean Sheumais, Màiri, agus a fear pòsta, Duitseach air an robh Uilleam, a thighinn a Shasainn airson a dhol an àite Sheumais. Theich Seumas don Fhraing agus bha Uilleam agus Màiri a’ riaghladh Shasainn agus Alba. B’ e Jacobites a bh’ aig luchd na Beurla air na Seumasaich airson gur e Jacobus am facal Laideann airson Seumas. Chaochail e ann an 1701.



Dè a nì thu!





