 |  |  |
 |  | Tha
an uidheamachd ùr a cheannaich sinn air leth feumail. Tha comas againn
a-nis rudan ùra a dhèanamh sinn fhìn agus tha e air cothrom
a thoirt dhuinn buidhnean eile a chuideachadh le bhith a' cur puist-dealain, le
bhith a' sireadh obair, le bhith a' dèanamh rannsachadh air an eadar-lìon
- iomadach rud.
 |  |  |
|  |
 |  | Tha
mise am beachd gum biodh e air a bhith na b' fheàrr an t-airgead a chosg
air rudeigin eile. Cha bhi mise a' cleachdadh post-dealain. Bha cruaidh
fheum againne air stereo ùr. Tha an seann fhear gun fheum. Dè
as còir dhuinn a dhèanamh a-nis? Chan eil dòigh againn
air ceòl-dannsa a chluich. Chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil e cothromach
idir
 |  |  | |
|