|
 |
 |
 |

Bha
a' choille dubh dorcha. Bha a h-uile càil sàmhach. Fada air
falbh am measg nan craobh chuala Coinneach sgread chaillich-oidhche. Leig
cridhe Choinnich leum às leis an eagal.
Choimhead e mun cuairt air, air gach taobh. Ach chan fhaca e dad anns an
dorchadas. Dìreach an uair sin, chuala e brag. Brag mar maide a'
briseadh. Mar duine a' seasamh air meanglan craoibhe. Chuala e a-rithist
e. 'O, mo chreach!" dh'èigh Coinneach. Agus rinn e às
sìos an rathad aig peilear a bheatha.
Chuala e fuaim air choreigin eile. Dè bha siud? B e fuaim ruith
a bha ann. Cuideigin a' ruith as a dhèidh! Ruith Coinneach na bu
luaithe. Bha e a dol mar an dealanaich a-nise.
Chuala e am fuaim ud a-rithist. Mar duine a' ruith às a dhèidh.
Bha anail Choinnich na uchd. Bha e gus a dhol à cochall a chridhe
leis an eagal. Mu dheireadh, cha b' urrainn dha dhol na b fhaide.
Bha e cho sgìth ris a' chù.
Stad Coinneach agus sheall e mun cuairt air. Cha robh càil ri fhaicinn.
Cha robh càil ri chluinntinn na bu mhò. Dìreach an
uair sin, thuit am bioran a bha aige na làimh. Rinn e brag. Diog
no dhà as dèidh sin, chuala Coinneach brag eile, brag dhen
aon seòrsa, a' tighinn às a' choille.
Bha fhios aig Coinneach a-nise dè a thachair. Dh'èigh e "Haoi!"
As dèidh diog no dhà, chuala e "Haoi!" a' tighinn
air ais. 'S e mac-talla a bha ann. Bha am fuaim a' tighinn air ais bho na
craobhan. B e fuaim nan casan aige fhèin a bha e a' cluinntinn
fad an t-siubhail. Rinn Coinneach gàire mòr agus choisich
e air a shocair air ais dhachaigh às a' choille.
|
|