|
 |
 |
 |
Uamh
nan Reubairean
Aon là grianach
bha triùir ghillean a' cluich gu dòigheil air tràigh
bhrèagha gheal. Bha iad a' cluich ball-coise. Anns na creagan rin
taobh bha uamh mhòr dhubh - Uamh nan Reubairean.
"Tadhal do dh'Alba a' tighinn!" dh'èigh Pòl. Thug
e breab chruaidh don bhall. Ach an àite a dhol seachad air Dòmhnall,
a bhràthair beag, chaidh am ball às an t-sealladh a-steach
air beul Uamh nan Reubairean. "Tiugainn. Feumaidh sinn a dhol air a
thòir." thuirt Crìsdean.
Bha i dorcha agus tais anns an uaimh. Mu dheireadh dh'fhàs na sùilean
aca eòlach air an dorchadas. "Cha toigh leamsa seo idir,"
thuirt Dòmhnall Beag ."Tha an t-eagal orm". Bha tòrr
smodail anns an uaimh. Smodal a bhiodh an làn a' fàgail as
a dhèidh.
"'S dòcha gun do dh'fhàg na reubairean ulaidh anns an
uaimh!", thuirt Pòl. "Ma gheibh sinne e, bidh sinn beairteach,"
thuirt Crìsdean. "Tha mise ag iarraidh dhachaigh" thuirt
Dòmhnall Beag.
Thòisich iad ri rùrach am measg an smodail. Lorg iad botail
phlastaig agus pìosan maide agus pìosan lìn-iasgaich,
crogain mheirgeach agus seann bhrògan. Ach cha d' fhuair iad càil
prìseil. Bha na gillean mòra coma. Bha seo na b' fheàrr
na ball-coise. "Seall," dh'èigh Pòl, 's e a
smèideadh le bioran maide a bha caran coltach ri claidheamh. "'S
e reubaire a th' annamsa! Sìn dhomh an t-airgead air neo caillidh
tu do bheatha." Agus thòisich an t-sabaid eadar e fhèin
agus Pòl.
Ach, o mo chreach! Cha robh cuimhne aca air an uair. Bha an làn a'
tighinn a-steach agus a sìor èirigh. "Tha mo chasan
fliuch." thuirt Dòmhnall Beag le iomagain mhòir air.
"Um, tha, agus mo chasan-sa." thuirt Pòl. "Seall!
Tha an t-uisge a' tighinn a-staigh dhan uaimh. Tha an làn ag èirigh!
" Ruith iad gu beul na h-uamha ach bha iad glacte. Chan fhaigheadh
iad a-mach.
Dhìochuimhnich Pòl agus Crìsdean mu bhith nan reubairean.
Bha an uamh a-nis dorcha agus fliuch agus oillteil. Dè am fuaim a
bha siud? Dè bh ann? An e radain a bh' ann? No reubairean air
tilleadh? Bha an t-eagal mòr orra a-nis. Agus bha an t-uisge a' fàs
domhainn.
Air ais aig a bhaile bha na pàrantan a' gabhail fadachd nach
robh na gillean a' tilleadh. Mu dheireadh chaidh muinntir a' bhaile a choimhead
air an son. Bha iad air a' mhachaire faisg air an uaimh.
Anns an uaimh bha an t-uisge a-nis suas gu glùinean Dhòmhnaill
agus a sìor èirigh. "Dè nì sinn?
An snàmh sinn a-mach?" dh'fhaighnich Crìsdean.
"Chan urrainn dhomhsa snàmh," thuirt Pòl. "Thalla
sibhse. Fuirichidh mise an seo."
"Chan fhalbh," thuirt Crìsdean , "Chan fhàg
sinn idir thu." Thòisich Dòmhnall Beag a rànaich.
Bha cù chaorach shuas gu h-àird air a bhearradh os cionn
na h-uamha. Dh'aithnich e an guth aig Dòmhnall. Thòisich an
cù ri comhartaich agus thàinig na daoine nan ruith. Chuala
iad Dòmhnall Beag a rànaich. Thuig iad càite
an robh na gillean. Chaidh iad nan cabhaig agus chuir iad a-mach eathar.
Agus nuair a shàbhail iad na gillean, mura biodh gun robh Dòmhnall
Beag na shuidhe air gualainn Phòil bhiodh e cha mhòr fodha.
|
|