|
 |
 |
 |
An
Leumadair Laghach
Air là brèagha
samhraidh rinn duine beag, caol, le feusag ghlas trì dealbhan
àlainn air an t-sràid. 'S e eala macao agus leumadair
a bha annta. Bha mi a coimhead gu dian air dealbh an leumadair. Shaoil
leam gun robh e beò agus nam inntinn lean mi e a-mach
dhan mhuir. Bha mi aoibhneach.
Shnàmh sinn gu siùbhlach agus leum sinn an-àirde a-mach
às a' mhuir. Bha sinn a lùbadh agus a' daibheadh sìos
gu domhainn. Shnàmh sinn air feadh an t-saoghail. Bha solas na grèine
a' deàlradh oirnn aig amannan. Chunnaic sinn ochd-chasach am measg
nan creagan air grunnd na mara. Chunnaic sinn sgeirean làn dhathan
agus èisg. Chaidh muc-mhara mhòr, fhada seachad oirnn gu sàmhach
coltach ri sgòth dhorcha san adhar.
An uairsin faisg air na tropaigean far a bheil an cuan blàth
ràinig sinn àite iongantach. Bha an cuan cho soilleir ris
an là. Chitheadh tu fada romhad agus chunnaic sinn duine a'
tuiteam dhan mhuir. Thilg spùinneadairean borb, gun truas, e thairis
air cliathaich an t-soithich!
Chunnaic sinne an truaghan a' tuiteam sìos dhan ghrunnd agus a' feuchainn
ri dìreadh suas gu uachdar na mara. Cha b' urrainn dha sin a dhèanamh
ach chaidh sinne sìos ga chuideachadh. Air aon taobh dheth
bha an leumadair ga phutadh suas le shròin. Bha mise a' snàmh
air an taobh eile dheth agus chuir mi mo ghualainn fodha. Thog sinn
e gu socair chun an uachdair.
Chunnaic sinn bàt'-iasgaich a' dol seachad. Shnàmh sinn a-null
a' putadh an duine romhainn. Nuair a ràinig sinn am bàta,
chunnaic na h-iasgairean sinn agus thog iad air bòrd e. Thill sinne
air ais dhan bhaile seo fhèin. Chrath an leumadair earball rium agus
chaidh e air ais dhan dealbh. Phut am fear a rinn an dealbh mi agus,
gu h-obann, bha mi air ais air an t-sràid.
|
|