|
 |
 |
 |
Madainn
Fhàda aig a' Phort-adhair
Stad mi mo chàr
faisg air post le 'B' mòr air, ri taobh càir faileasach dearg.
Bhiodh cuimhne agam càite an robh e. Bha e leth-uair an dèidh
deich. Choisich mi gu luath seachad air na càraichean eile sreath
as dèidh sreath, uaine is dubh is gorm mar shaighdearan a' feitheamh
ri gluasad.
Chuala mi fuaim mar tàirneanaich agus choimhead mi suas. Bha plèan
a' cromadh às an adhar mar eala mhòr gheal a' tighinn sìos
gu laighe air loch. Saoil an e seo am plèana aig Ros?
Chaidh mi tarsainn an rathaid gu doras glainne a' phuirt-adhair. Bha tagsaidhean
dubha a' tighinn 's a' falbh. Bha daoine a' leum a-mach asta, a' tarraing
mhaileidean is bhagaichean leotha. Bha cabhag air a h-uile duine.
Dh' fhosgail an dà dhoras gu slaodach is sàmhach mar gum biodh
cùirtearan a' fosgladh air àrd-ùrlar. Choisich mi a-steach
is chuala mi, "Cha bhi am plèan AS 203 à Sydney, Astràilia,
a' laighe gu leth uair an dèidh meadhan-là.Tha sinn duilich
mun dàil seo."
Choimhead mi air m' uaireadair. Dh' fheumainn feitheamh faisg air dà
uair a thìde. Ciamar idir a chuirinn seachad an ùine? Lean
mi orm a' coiseachd gu mall. Dh' fhairich mi fàileadh cùbhraidh
cofaidh a' tighinn à cafaidh bheag. Cheannaich mi cupa. Bha e teth
air mo theanga, ach gu math blasta. Shuidh mi sìos. Bha an stòl
àrd, cruaidh agus mì-chofhurtail. Thug mi sùil mun
cuairt.
A' dol suas aon staidhre, bha daoine ann an aodach làithean-saora
le lèintean-T, briogaisean goirid, speuclairean grèine. Bha
farmad agam riutha.
A' tighinn sìos staidhre eile, bha daoine cabhagach a' bruidhinn
air fònaichean-làimhe. Bha daoine a' coinneachadh agus bha
daoine a' dealachadh. Chuala mi "Fàilte" agus "Beannachd
leat". Bha mise leam fhìn, fhathast a' feitheamh. Thug mi sùil
eile air m' uaireadair. Uair a thìde fhada aonranach eile ri dhol.
Dh' fhairich mi làmh air mo ghualainn. Chlisg mi. Chuala mi guth."Ciamar
a tha thu a Ruaraidh?" Choimhead mi mun cuairt. Cò bha sin ach
Ros. "Thàinig mi air plèana eile," thuirt e, "tha
mi air a bhith seo bho leth-uair an dèidh deich ag òl cofaidh."
|
|