|
 |
 |
 |
Am
Mèirleach Mosach
Chaidh duine neònach
a-steach dhan bhanca. Bha còta fada air agus ad mhòr dhubh
sìos mu shùilean.Bha e a' coimhead mun cuairt air gu frionasach.
Choisich an duine suas chun an deasga na chabhaig, a' putadh nan sèithrichean
às a rathad gu crosta. "Haoi!" dh' èigh e àird
a chlaiginn nuair a ràinig e an deasg. Chlisg an nighean a bha air
cùl an deasga. Ghabh i eagal a beatha.
"Thoir dhomh an t-airgead," dh' èigh am mèirleach.
Le làmhan a bha air chrith, lìon an nighean am poca le airgead.
Spìon am mèirleach bhuaipe am poca. Rinn am mèirleach
a-mach às a' bhanca aig peilear a bheatha. Theab e duine a leagail
air an rathad a-mach.
Chuir am mèirleach a chas air an rùsg banana gun fhios dha.
Thuit e le brag agus leig e èigh às. Chuir e car a' mhuiltein
dheth sìos an rathad, car as dèidh car as dèidh car,
gus an do ràinig e fàradh.
Bha Poilidh am Poilis shuas air an fhàradh a' feuchainn ri cat a
thoirt a-nuas às a' chraoibh. Thuit Poilidh air a' mhèirleach.
Leig e èigh eile às. "O, mo chreach!" thuirt e.
"Carson a tha a h-uile càil a' dol ceàrr ormsa?"
Agus dh' fhalbh Poilidh leis dhan phrìosan.
|
|