|
 |
 |
 |
Am
Pìobaire Piullach
Aig trì uairean
feasgar, thàinig fear air baidhsagal-rèiseadh a-steach tro
gheata na pàirce. Air a cheann bha clogaid ghobach dhubh. Bha briogais
ghoirid air, lèine-T dhathach agus speuclairean-grèine. Shaoileadh
tu gu robh e a' trèanadh airson an Tour de France.
Faisg air an taigh-glainne, nochd boireannach le aodann coibhneil còir.
Bha an t-aodach geal a bh' oirre glan agus sgiobalta. Bha brògan
geala oirre agus bha baga aice na làimh. A rèir choltais,
's e nurs a bha innte.
Timcheall oisein an taigh-ghlainne thàinig fear na ruith. Bha brag
cruaidh aig a bhrògan dubha air an rathad. Bha a stocainnean geala
a' tuiteam sìos a chasan agus bha an t-èileadh aige a' placadaich
sìos agus suas. Bha seacaid chlò air agus fo achlais bha pìob-chiùil.
Bha cabhag mhòr air oir bha còir aige a bhith cluich aig banais
aig trì uairean.
Bha feòrag bheag ghlas a' fuireach ann an craoibh ri taobh an taigh-ghloinne.
Nuair a chunnaic i am pìobaire a' tighinn, leum i sìos air
a ghualainn. Ghabh am pìobaire eagal a bheatha. Thuit a phìob
aige. Thuit e fhèin tarsainn air a' phìob is bhuail e anns
an nurs a bha a' coiseachd seachad. Thuit ise cuideachd.
"O mo chreach", dh' èigh an nurs.
"Aobh, aobh", dh' èigh am pìobaire. "Tha mise
air mo ghlùin a ghearradh. Cuidich mi, 's e nurs a
th' annad. Cuidich mi."
Ach cha b e nurs a bh' innte. 'S ann a bha aodach nurs oirre a chionn
's gun robh i a' dol gu pàrtaidh culaidh-choimheach aig taigh a caraid.
"Cuidichidh mise thu", thuirt fear a' bhaidhsagail nuair a ràinig
e. "'S e nurs a th' annam-sa. Tha mi ag obair anns an ospadal air taobh
thall na pàirce. Bidh mi a' dol a dh'obair air mo bhaidhsagal a h-uile
là. Agus chuir an nurs cheart bann air glùin a' phìobaire.
|
|